Press release -
Tha Gàidhlig ga Bruidhinn an Seo
Tha gu Dihaoine 8 Cèitean aig gnothachasan turasachd agus aig buill le ùidh ann an Gàidhlig am beachdan a thoirt air Plana Gàidhlig ùraichte VisitScotland.
Le mu chairteal de dh’Ameireaganaich (26%) agus Canèidianaich (25%) ag ràdh gu bheil ùidh mhòr aca ann an cànan is cultar na Gàidhlig, tha a’ bhuidheann nàiseanta turasachd air an dealas aca ath-nuadhachadh airson an cànan a dhèanamh na phàirt chudromach de thairgse thurasachd na dùthcha.
Tha cuimseachadh ùr aig Plana Gàidhlig VisitScotland air gnothachas turasachd is air tachartasan ann an Alba le clàr-ama trì bliadhna de thachartasan air a dhealbhachadh, a’ gabhail a-steach a bhith a’ fastadh Oifigear Gàidhlig agus a’ meudachadh na tha de shusbaint Ghàidhlig air a làraich-lìn chorporra.
Tha dreach den Phlana ri fhaighinn aig http://www.visitscotland.org/about_us/our_gaelic_plan.aspx, agus daoine le ùidh gan cuireadh gus beachdan sgrìobhte a chur a-steach gu Riddell.graham@visitscotland.com ro Dhihaoine 8 Cèitean.
Thuirt Riddell Graham, Stiùiriche Chom-pàirtichean aig VisitScotland,:
“Ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith air a h-ath-bheothachadh mar chànan beò ann an Alba, tha e cudromach gun co-obraich sinn gus a h-inbhe àrdachadh agus gus a cleachdadh meudaichte a bhrosnachadh. Tha sinn mu thràth air adhartas mòr a dhèanamh airson a’ Ghàidhlig a leasachadh is adhartachadh, ach tha sinn a’ tuigsinn gu bheil mòran ri dhèanamh fhathast gus an cànan fhilleadh a-steach dhan a h-uile pàirt den bhuidhinn ann an dòigh anns am bi i na pàirt coileanta de ar beachdan ro-innleachdail, co-dhùnaidhean is ar planaichean lìbhrigidh.”
Mu thràth tha VisitScotland air grunn ghnìomhan bhon chiad Phlana Gàidhlig, a chaidh fhoillseachadh ann an 2012, a shuidheachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach suaicheantas corporra is soidhnichean dà-chànanach aig Ionadan Fiosrachaidh VisitScotland; ullachadh airson dèiligeadh ri gairmean-fòna is puist-d ann an Gàidhlig; daoine le Gàidhlig a bhith aig agallamhan nam meadhanan; agus toirt a-steach poileasaidh airson trèanadh ann an Gàidhlig a thabhainn dha luchd-obrach.
VisitScotland gu bhith a’ buileachadh amasan ùra a mhol Bòrd na Gàidhlig, bòrd cànain na Gàidhlig, ro 2018 a’ gabhail a-steach:
- Tosgaire Gàidhlig ri chomharrachadh air Bòrd VisitScotland
- Meudachadh a dhèanamh air na tha de Ghàidhlig air làrach-lìn chorporra na buidhne: VisitScotland.org
- Leasachadh air Sgeama Fàilteachaidh, ‘Tha Gàidhlig ga Bruidhinn an Seo’ taobh a-staigh Sgeama Dearbhaidh Càileachd VisitScotland
- Àrdachadh a dhèanamh air sgeulachd mu dhualchas is chànan Gàidhlig na h-Alba na ghnìomh margaidheachd luchd-cleachdaidh
- A bhith a’ fastadh, air bunait co-roinneil, Oifigear Gàidhlig, le buidheann poblach eile
A rèir Cunntas-sluaigh 2011, tha 57,375 ann an Alba a bhruidhneas Gàidhlig. Tha an dùmhlachd as àirde sna h-Eileanan Siar, an dèidh sin san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse agus ann an eileanan Earra-Ghàidheil is Bhòid. Tha a-nis cuideachd mu 10,000 neach-labhairt ann an sgìre Ghlaschu agus faisg air 6,000 le Gàidhlig ann an sgìre Dhùn Èideann. Gu h-iomlan, chaidh a ràdh gu robh timcheall air 87,000 neach ann an Alba le ‘eòlas air choreigin sa Ghàidhlig’ ann an 2011.
Chaidh gabhail ri Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 le Pàrlamaid na h-Alba le amas Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil na h-Alba le spèis cho-ionann ri Beurla.
Airson fiosrachadh a bharrachd mu Phlana Gàidhlig VisitScotland, rach gu http://www.visitscotland.org/about_us/our_gaelic_plan.aspx
Topics
- Tourism
Categories
- gaelic
- corporate communications
Regions
- Scotland
Notaichean dha Luchd-deasachaidh
- Leanaibh sinn air twitter: @visitscotnews
- ‘S e VisitScotland buidheann nàiseanta turasachd na h-Alba. ‘S e a phrìomh rùn a bhith a’ cur ri sochair eaconamach na turasachd dha Alba.
- Tha trì prìomh dhleastanasan aig a’ bhuidhinn:
- Alba a mhargaidheachd dha gach pàirt den t-saoghal airson luchd-tadhail a thàladh
- Fiosrachadh – agus brosnachadh – a thoirt seachad dha luchd-tadhail is daoine a dh’fhaodadh tadhal gus am meal iad an nì as fheàrr bho cuairt a dh’Alba
- Dearbhadh càileachd a thoirt dha luchd-tadhail agus comhairle inbheachail dhan ghnìomhachas is dha com-pàirtichean airson cuideachadh a thoirt dhan ghnìomhachas gus a bhith a’ coinneachadh is a’ strì ri dhol thairis air na tha luchd-cleachdaidh a’ sùileachadh
- Tha VisitScotland ag obair còmhla ri gnothachasan turasachd gus turasachd a dhèanamh soirbheachail dha na h-uile agus gus dèanamh cinnteach gun cùm an gnìomhachas a’ fàs.
- Tha a’ bhuidheann a’ toirt cosnadh dha 700 neach agus tha oifisean agus Ionadan Fiosrachaidh VisitScotland aca air feadh Alba.
- A rèir sgrùdadh Deloitte a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid, tha gnìomhachas na turasachd a’ cur taic ri 270,000 obair ann an Alba ann an 20,000 gnothachas de chaochladh sheòrsa. Tha an aon sgrùdadh a’ cumail a-mach gu bheil eaconamaidh na turasachd a’ cur £11 billean gach bliadhna (buaidh dhìreach is neo-dhìreach, a’ gabhail a-steach cuairtean latha) agus a’ toirt taic dha mu 10 sa cheud cosnaidhean ann an Alba. Bidh faisg air 16 millean neach-tadhail a’ gabhail cuairtean aon-oidhche a dh’Alba.
- Airson fiosan naidheachd VisitScotland rach gu http://www.visitscotland.org/media_centre.aspx, staitistearachdan turasachd agus ceistean a bhithear tric a’ faighneachd rach gu http://www.visitscotland.org/
- (Far an tèid iarraidh, agus far a bheil sin nar comas, bruidhnidh neach le Gàidhlig aig agallamh)
- Airson fiosrachadh mu shaor-làithean ann an Alba rach gu www.visitscotland.com
- Airson fiosrachadh mu thurasachd ghnothachais ann an Alba rach gu www.conventionscotland.com
Bliadhna a’ Bhidhe is an Dighe 2015
- ‘S e 2015 Bliadhna a’ Bhidhe is an Dighe, comharrachadh de phreas-bidhe nàdarra na h-Alba agus air a’ phàirt a th’ aig biadh is deoch ann a bhith a’ cumadh ar soirbheachaidh eaconamach.
- Tha Alba a’ cruthachadh còrr air £2.5m gach latha tro thurasachd co-cheangailte ri biadh is deoch.
- Cruthaichidh sreath de mhìosan cuspaireach càil airson prìomh roinnean gnothachais de bhiadh is deoch na h-Alba – bho biadh-mara is uisge-beatha gu dearcan is feòil de shàr chàileachd
- Airson fiosrachadh a bharrachd tadhal air www.visitscotland.com/foodanddrink
Airson Fiosrachadh Luchd-tadhail
Airson Fiosrachadh mu VisitScotland
Airson Fiosrachadh mu Turasachd Ghnothachais
Airson Fiosrachadh mu EventScotland
’S e 2015 Bliadhna na h-Alba airson Biadh is Deoch, a’ comharrachadh ar preas-bidhe mìorbhaileach, nàdarra, a’ phàirt a th’ aig biadh is deoch ann an cumadh ar soirbheachaidh eaconamach agus nan daoine, nan cruthan-tìre is a’ chultair a tha a’ dèanamh ar dualchas bidhe cho sònraichte.
Tha sinn ga ur cuireadh a thighinn is eòlas a chur air Dùthaich a’ Bhidhe is an Dighe. Air Twitter? #TasteScotland
Thigibh an sàs ann agus roinnibh ur mòmaidean mìorbhaileach