Press release -

Urram eadar-nàiseanta airson Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba

Tha Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba * air àite a chosnadh mar fhear de na cinn-uidhe as fheàrr ri fhaicinn san t-saoghal ann an 2019.

Tha an t-ùghdarras air siubhal, Lonely Planet, air innse an-diugh (23 Dàmhair) gu bheil na sgìrean seo am measg nam prìomh 10 àiteachan ‘as Fhèarr ann an Siubhal’ airson 2019 - na h-aon àiteachan ann an Alba a tha air an liosta.

A rèir an iùil, "’s e tè de na pàirtean as fiadhaiche, as bòidhche agus as iongantaiche san Roinn Eòrpa," a th’ ann an Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba a tha, fad dheicheadan air a bhith a’ tàladh luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail, a tha air an tarraing gu na seallaidhean gun choimeas, cultar agus fiadh-bheatha sònraichte; farsaingeachd de chur-seachadan a-muigh agus ro-spòrs, a’ gabhail a-steach surfadh, dàibheadh agus sgitheadh; raon de dh’àiteachan tarraingeach do luchd-turais, daoine fhàilteach an àite agus biadh agus deoch fìor bhlasta às an sgìre.

Tha an t-iùl cuideachd a’ moladh roinn àiteachan-fuirich na sgìre "a tha ùr-ghnàthach agus a tha a’ leasachadh gu luath, bho àiteachan pàircidh a chaidh a thogail a dh’aon-ghnothach airson bhanaichean-campachaidh, gu bothanan air an dealbhachadh gu bhith coltach ri togalaichean àrsaidh.

’S e cruinneachadh bliadhnail a th’ ann an ‘Lonely Planet's Best in Travel 2019’ anns a bheil na cinn-uidhe siubhail, na treandaichean, na tursan agus na rudan as fheàrr ri dhèanamh sa bhliadhna a tha romhainn. Tha e cuideachd ag ainmeachadh nan 10 roinnean, dùthchannan, bailtean mòra agus àiteachan leis an luach as fheàrr airson tadhal air ann an 2019.

Tha na ceithir duilleagan san iùl mu Ghàidhealtachd is Eileanan na h-Alba, a’ toirt iomradh sònraichte air an t-slighe dràibhidh “fìor shoirbheachail” 500 a’ Chosta a Tuath a bharrachd air 250 an Ear-thuath agus na Rathaidean Sneachda.

Am measg nan ‘rudan nach bu chòir a chall’ tha a bhith a’ sreap beinne, le iomradh sònraichte air Sulabhein shuaicheanta; a bhith ag ithe biadh na mara ann am fear de deagh thaighean-bìdh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus a bhith a’ dol air turas nàdar gus coimhead air beartas fiadh-bheatha an àite.

Agus i a’ freagairt air an naidheachd gun deach Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba a chur ris a’ chuid as Fheàrr ann an Siubhal, thuirt Rùnaire na Turasachd, Fiona Hyslop: "Tha e mìorbhaileach fhaicinn gu bheil a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a’ faighinn aithne airson an seallaidhean, eachdraidh agus dualchas.

"Bho a raon farsaing de thaighean-staile agus àiteachan eile a tha tarraingeach do luchd-turais, gu na h-eileanan brèagha agus comharran-tìre suaicheanta, tha mi cinnteach gum bi taic Lonely Planet airson na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ cuideachadh le bhith a' brosnachadh agus a’ glacadh aire luchd-tadhail ùra.”

Thuirt Malcolm Roughhead, Àrd-oifigear VisitScotland “Ged nach eil e a’ cur iongnadh orm, tha mi air mo dhòigh glan ionnsachadh gu bheil Gàidhealtachd agus Eileanan nan h-Alba a’ nochdadh air an liosta chliùiteach seo.

“Tha a’ phàirt shuaicheanta seo de dh’Alba tòrr nas cliùitiche aig ìre an t-saoghail na shaoladh tu bho a mheud, mar àite soirbheachail airson luchd-tadhail bho air feadh na RA agus air feadh an t-saoghail cho math ri bhith na àite mòr-chòrdte airson companaidhean film a tha ag iarraidh suidheachadh àlainn airson an ath bhlockbhuster aca.

“Le molaidhean mar seo aca, bidh Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba ann an sùilean an t-saoghail aon uair eile. Ach, tha e ro-chudromach nach bi sinn a’ fàs fèin-riaraichte, oir feumaidh sinn cumail oirnn le bhith a’ toirt seachad eòlasan, tachartasan agus tarraingean aig ìre an t-saoghail gus am bi sinn a’ coileanadh nan iarrtasan aig luchd-tadhail a tha a’ sìor atharrachadh.

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Margaret Davidson: "Tha Gàidhealtachd na h-Alba na pàirt mhìorbhaileach den t-saoghal. Bha mi daonnan den bheachd gu bheil seo air aon de na h-àiteachan as fheàrr airson tadhal air, chan ann a-mhàin airson nan seallaidhean iongantach againn ach cuideachd airson na farsaingeachd de thachartasan a tha rim faotainn, airson ar cultar sònraichte agus gu dearbh, airson fàilte chridheil ainmeil na Gàidhealtachd.

“’S e fìor dheagh mholadh a bhith air ainmeachadh mar tè de na prìomh sgìrean aig Lonely Planet airson na h-iomairt cliùitich ‘as Fheàrr ann an Siubhal 2019’. Gun teagamh, bheir àrd-mholadh bho fhoillsichear cho aithnichte agus earbsach gu h-eadar-nàiseanta ri Lonely Planet togail do dh’ìomhaigh na sgìre aig ìre an t-saoghail agus brosnaichidh e barrachd dhaoine a thighinn gus fìor fhàilte Ghàidhealach fhaighinn.”

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle nan Eilean Siar: "Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ cur fàilte air an aithne seo gu bheil na h-Eileanan an Iar agus Gàidhealtachd na h-Alba am measg nan ceann-uidhe as fheàrr air feadh na cruinne.

"Tha e gu sònraichte brosnachail gu bheil Slighe Innse Gall - pròiseact air a mhaoineachadh leis an AE is air a stiùireadh leis a’ Chomhairle - a' faighinn iomradh cho mòr. Tha i airidh air seo. Tha na h-Eileanan an Iar nan àiteachan a 'dh’feumar fhaicinn’ agus tha gnìomhachasan an àite ag obair gu cruaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil na h-eileanan taitneach do luchd-turais - bu chòir gach roinn a bhith moiteil gun d’fhuaras am moladh seo.”

Airson barrachd fiosrachaidh, faic: www.lonelyplanet.com/best-in-travel, agus airson barrachd fiosrachaidh mun Ghàidhealtachd is mu na h-Eileanan, faic www.visitscotland.com

Airson fiosrachadh mu mar as urrainn gnìomhachas na turasachd feum a dhèanamh às a’ chothrom seo, chaidh toolkit a chruthachadh an seo: https://www.visitscotland.org/supporting-your-business/marketing-toolkits/lonely-planet

Topics

  • Tourism

Categories

  • outer hebrides
  • highlands
  • corporate communications
  • gaelic

Regions

  • Scotland

Nòtaichean dhan luchd-deasachaidh

  • Lean air twitter sinn: @visitscotnews
  • ’S e VisitScotland buidheann turasachd nàiseanta na h-Alba. ’S e am prìomh-adhbhar aige buannachdan na turasachd do dh’Alba a chur an làn-mheud.
  • ’S e prìomh-amas na buidhne a bhith a’ cur taic ri amasan Ro-innleachd Turasachd 2020, ’s e sin fàs a thoirt air teachd a-steach turasachd, a’ ruigsinn fàs de £1 billean ron bhliadhna 2020.
  • Bidh seo stèidhichte air còig ro-innleachdan mòra: Margaideachd, Tachartasan, Càileachd is Seasmhachd, Turasachd In-ghabhaltach, Com-pàirteachadh Eadar-nàiseanta.
  • Tha 700 luchd-obrach aig a’ bhuidhinn agus tha oifisean is ionadan fiosrachaidh VisitScotland aice air feadh Alba.
  • Tha na chosgas luchd-turais ann an Alba a’ cruthachadh mu £12 bhillean de ghnìomhachd eaconamach air feadh sèineachan-solair na h-Alba agus cuiridh e mu £6 billeanan ri làn-thoradh dùthchail na h-Alba (ann am bun-phrìsean). ’S e seo mu 5% de làn-thoradh dùthchail na h-Alba uile gu lèir.

Bliadhna na h-Òigridh 2018

  • Tha YoYP 2018 - a’ chiad bhliadhna de a seòrsa air feadh an t-saoghail, na phàirt de phrògram nam bliadhnachean cuspaireil aig Riaghaltas na h-Alba le fòcas air na stòarsan as motha aig Alba.
  • Tha prògram fad bhliadhna de thachartasan is de dh'fhèisean a’ gabhail àite air feadh na dùtcha airson gach aois, air an stiùireadh le Event Scotland, pàirt de Bhuidhinn-stiùiridh nan Tachartasan aig VisitScotland. Gheibhear barrachd fisorachaidh aig www.visitscotland.com/yoyp2018
  • Tha ùghdarrasan ionadail, buidhnean agus comainn òigridh a’ cumail nan tachartasan aca fhèin mar phàirt de YoYP 2018. Gheibhear am fiosrachadh as ùire air Twitter leis an taga-hais #YOYP 2018.
  • Co-dhealbhaich òigridh a’ Bhliadhna. Tha buidheann de cheannardan òga, Communic18 aig ceann chùisean a thaobh prìomh cho-dhùnaidhean. Tha còrr is 500 tosgairean ann thairis air gach ùghdarras ionadail a tha a’ cumail taic ri gnothaichean.
  • Tha a’ bhliadhna ga lìbhrigeadh le com-pàirteachas eadar Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland agus EventScotland - pàirt de Bhuidheann-stiùiridh nan Tachartasan aig VisitScotland, Young Scot, Pàrlamaid Òigridh na h-Alba, Clann an Alba, Youthlink
  • Alba agus Alba Chruthachail.
  • Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig yoyp2018.scot, no le bhith a’ lorg @YOYP2018 #YOYP2018 air Twitter no tro bhith a’ cur post-d gu yoyp2018@gov.scot

Contacts

Chelsea Charles

Press contact Scotland’s Themed Years Communications & Engagement Manager Contact for media enquiries on: Scotland’s Themed Years (i.e. 2018 Year of Young People; 2020 Year of Scotland's Coast and Waters; 2022 Year of Scotland's Stories) 0131 472 2067

Carrie MacWilliam

Press contact Senior Corporate Press Officer - National Contact for media enquiries on: Travel media (Scotland); Year of Young People; UK Marketing; Dundee; Fife; Angus; Perthshire 0131 472 2052

Amelia Whittaker

Press contact Senior Corporate Press Officer - Regional Contact for media enquiries on: South Region; Edinburgh and Lothians; Food and Drink; Scottish Thistle Awards 01750 723806