Press release -

Làithean geala san amharc do thurasachd na h-Alba

Buidealairean-ròbot, mega-bhailtean, taigeis dèanta de mheanbh-chuileagan agus soithichean-adhair ana-mhòr a’ tilleadh dha na speuran. Sin dìreach feadhainn de na nithean annasach a dh’fhaodadh a bhith ann an lùib turasachd ann an Alba san àm ri teachd.

Tha VisitScotland a’ comharrachadh a’ 50mh ceann-bhliadhna aca am-bliadhna, agus gus gàirdeachas a dhèanamh ri sin tha a’ bhuidheann turasachd nàiseanta air sùil le fealla-dhàa thoirt air dè na rudan a dh’fhaodadh luchd-tadhail fhaicinn ann an Alba sa bhliadhna 2069.

San ath chòig deicheadan dh’fhaodadh gum bi an saoghal a’ fàs nas blàithe, agus gum bi daoine airson teicheadh bhon teas sin gu Alba far am faigh iad beagan sìde fhionnar, dùthaich aig am bi ceangal làidir fhathast ri a h-eachdraidh agus cultar brìoghmhor, dùthaich far am bi Glaschu agus Dùn Èideann a-nis nam mega-bhaile còmhla, leis an ainm Dùn Ghlas no Glas-Èideann.

Tha pàipear rannsachaidh ùr, Turasachd san Àm ri Teachd 2069, sgrìobhte leis an roinn Insights aig VisitScotland, a’ mìneachadh gun gabhadh dìon a dhèanamh air sgìrean dùthchail bho chus obair leasachaidh, ach gum faodadh iad buannachdan fhaighinn fhathast bho cheanglaichean còmhdhail is didseatach nas fheàrr agus gum faodadh iad a bhith nan dachaigh bheothail is bhrosnachail do luchd-ciùird, luchd cruthachail, tuathanaich agus grùdairean. Dh’fhaodadh taighean-òsta buidealairean-ròbot a thoirt a-steach mar ghoireas a bharrachd, agus le baidhsagalan-eacarsaich sna rùmannan, dh’fhaodadh aoighean eacarsaich a dhèanamh fhad ’s a bhiodh iad a’ cur ri stòras dealain sheasmhaich an togalaich, agus dh’fhaodadh iad bileagan-pàighidh a chosnadh airson an taigh-bìdh leis na mìltean a nì iad air a’ bhaidhsagal.

Ma thèid na planaichean aig Boeing airson plèanaichean Haipear-sonaig a thoirt gu buil sna 2040an, dh’fhaodadh nach toir e ach dà uair a thìde siubhal eadar New York agus Alba. Ach dh’fhaodadh nach bi a h-uile duine airson siubhal aig astar a tha còig tursan nas luaithe na astar an fhuaime, agus do dhaoine a tha airson siubhal aig astar nas slaodaiche, dh’fhaodadh ann an 2069 gum bi cothrom aca falbh ann an soitheach-adhair ana-mhòr ùr leis gach goireas a dh’iarradh iad air turas fìor chofhurtail air feadh an t-saoghail.

Dh’fhaodadh gum bi na balùnaichean mòra sin ann am farpais airson rùm san adhar le tagsaidhean-adhair agus rocaidean a bhios a’ toirt luchd-tadhail air reul-chuairt ìosal tro na Fir Chlis agus iad a’ falbh bho phuirt-fhànais ann am Preastabhaig ann an Siorrachd Àir, Luacharas ann am Fìobha agus Inbhir Losaidh ann am Moireibh.

A thaobh biadh is deoch, tha an rannsachadh, a chaidh fhoillseachadh aig àm nuair a tha Mìos Turasachd na h-Alba a’ tòiseachadh, a’ sealltainn gum bu chòir gum bi Alba fhathast a’ toirt taghadh glè bhlasta de bhiadh is deoch dhan t-saoghal. Ach, seach gum faodadh gum bi daoine a’ gabhail mheanbh-fhrìdean airson pròtain, dh’fhaodadh gun còrdadh taigeis dèanta le meanbh-chuileagan ri luchd-turais.

Dh’fhaodadh gum bi an iomairt as ùire aig VisitScotland a’ comharrachadh an 55mh ceann-bhliadhna aig Outlander – an sreath TBh soirbheachail a chaidh a chraoladh airson a’ chiad uair ann an 2014. Dh’fhaodadh gum bi caractaran 7D holografach bhon t-sreath rim faicinn ann am bailtean mar Chuileann-Ros ann am Fìobha agus cothrom aig luchd-leantainn an t-sreath a bhith gan cur fhèin teis-meadhan earrainn den phrògram.

Chaidh Achd Leasachadh na Turasachd a chur an gnìomh ann an 1969, agus chaidh Bòrd Turasachd na h-Alba a stèidheachadh le maoineachadh bhon Riaghaltas. Bhon uair sin, tha gnìomhachas na turasachd air a dhol bho neart gu neart, agus chan eil dad a choltas ann gun stad e a dh’fhàs san ath leth-cheud bliadhna agus ’s iomadh cothrom a bhios ann san ùine sin dhan ghnìomhachas.

Thuirt Chris Greenwood, Àrd-mhanaidsear airson Insights aig VisitScotland, a sgrìobh am pàipear: “Tha turasachd na h-Alba air soirbheachadh gu mòr aig ìre eaconamach is shòisealta thairis air na 50 bliadhna a dh’fhalbh, agus ’s e a th’ anns an amharc leis a’ phàipear rannsachaidh seo, coimhead air dè dh’fhaodadh a bhith an dàn do thurasachd agus sinn a’ rannsachadh nan gluasadan is atharraichean mòra a dh’fhaodadh a bhith air buaidh a thoirt air a’ chomann-shòisealta ann an 2069.

“Le bhith a’ coimhead air adhart aig ìre ro-innleachdail mar seo, faodaidh sin buidhnean a chuideachadh le bhith a’ gabhail chothroman, agus a’ dèiligeadh ri dùbhlain is cnapan-starra agus le bhith a’ dèanamh cinnteach gun gabh iad làn ealla ris an ùine ri thighinn – chan urrainn dhuinn a ràdh le cinnt dè tha a’ dol a thachairt, ach faodaidh sinn na beachdan a tha sinn air a ghabhail an-dràsta a thaobh sin a sgrùdadh gus an urrainn dhuinn co-dhùnaidhean nas fheàrr a dhèanamh mun àm ri teachd.”

Thuirt am Morair Thurso, Cathraiche VisitScotland: “Tha turasachd air aon de na gnìomhachasan as cudromaiche ann an Alba. Tha e air a bhith a’ toirt obraichean dhuinn agus a’ cumail taic ri coimhearsnachdan airson deicheadan, agus e a’ cur nam billeanan ri eaconamaidh na h-Alba.

“Tha sinn airson gàirdeachas a dhèanamh ri 50 bliadhna de shoirbheachadh còmhla ri gnìomhachas na turasachd ann an 2019 agus chan eil àm nas fheàrr airson sin a dhèanamh na Mìos Turasachd na h-Alba. Tha an uiread de shoirbheachadh is fàs a chunnacas ann an roinn turasachd na h-Alba mar thoradh air an obair chruaidh agus co-obrachadh ealanta a tha grunn bhuidhnean, gnothachasan agus buidhnean poblach air a dhèanamh thairis air leth-cheud bliadhna – ar taing dhuibh uile airson sin.

“Chan e a-mhàin gu bheil an 50mh ceann-bhliadhna seo a’ toirt cothrom dhuinn cuimhneachadh le tlachd air an àm a dh’fhalbh, ach, gu cudromach, tha cothrom ann cuideachd sùil a thoirt air an àm ri teachd.”

Topics

  • Tourism

Categories

  • future
  • tourism
  • gaelic

Regions

  • Scotland

Fiosrachadh do Luchd-deasachaidh

  • Leanaibh sinn air Twitter: @visitscotnews
  • ’S e VisitScotland a’ bhuidheann turasachd nàiseanta airson Alba. ’S e prìomh adhbhar na buidhne, na buannachdan eaconamach as motha as urrainnear fhaighinn bho thurasachd na h-Alba.
  • ’S e prìomh cheann-uidhe na buidhne, cuideachadh le bhith a’ coileanadh an amais ann an Ro-innleachd na Turasachd 2020, gun tig àrdachadh luach £1 billean air an teachd-a-steach bho thurasachd sa bhliadhna 2020.
  • Thèid seo a chur an sàs tro chòig prìomh raointean ro-innleachdail: Margaidheachd, Tachartasan, Càileachd is Seasmhachd, Turasachd In-ghabhalach, Co-chonaltradh Eadar-nàiseanta.
  • Tha 700 neach-obrach aig a’ bhuidhinn agus tha oifisean agus Ionadan-fiosrachaidh VisitScotland aca air feadh Alba.
  • Tha na chosgas luchd-turais ann an Alba a’ cur mu £12 billean ri luach na gnìomhachd eaconamach a gheibhear ann an roinn solarachaidhna h-Alba san fharsaingeachd agus a’ cur mu £6 billean ri GDP na h-Alba (a rèir phrìsean bunaiteach). Tha sin mar 5% de GDP na h-Alba gu lèir.
  • Airson brathan-naidheachd VisitScotland tadhlaibh air http://www.visitscotland.org/media_centre.aspx, airson àireamhan a thaobh turasachd is ceistean bitheanta tadhlaibh air http://www.visitscotland.org/
  • Far an tèid iarraidh, agus far a bheil sin nar comas, bruidhnidh neach le Gàidhlig aig agallamh.
  • Airson fiosrachadh mu làithean-saora ann an Alba tadhlaibh air www.visitscotland.com
  • Airson fiosrachadh mu thurasachd gnothachais ann an Alba tadhlaibh air www.conventionscotland.com

Bliadhnaichean le Cuspair Sònraichte ann an Alba

  • Às dèidh dhuinn beachdan a shireadh bhon ghnìomhachas, thèid na Bliadhnaichean Sònraichte a chomharrachadh a h-uile dàrna bliadhna a-nis gus am bi barrachd ùine ann airson planaidh agus cothroman co-obrachaidh a chur air dòigh.
  • Ann an 2020 bithear a’ comharrachadh bliadhna far am bithear a’ dèanamh gàirdeachas ri Oirthir is Uisgeachan na h-Alba tro phrògram obrach air a dhealbh mar thaic do thurasachd is roinn thachartasan na dùthcha.
  • Bidh a’ bhliadhna, air a stiùireadh le VisitScotland, a’ togail air an adhartas a rinneadh le Bliadhnaichean Sònraichte eile ann an Alba. Bithear a’ gabhail cothrom sanasachd a dhèanamh air agus toileachas a dhèanamh ris na cothroman a th’ ann gus tlachd a ghabhail ann an tachartasan is gnìomhachd eile co-cheangailte ri Oirthir is Uisgeachan sònraichte na h-Alba agus gus eòlas a chur orra, agus bithear a’ brosnachadh muinntir na h-Alba agus luchd-tadhail gu bhith a’ dèanamh sin ann an dòigh chiallach is chùramach.
  • Bidh am prògram fad-bliadhna de thachartasan, gnìomhan agus beachdan-smuain a’ dèanamh follaiseach a’ bhuaidh a bh’ aig ar n-uisgeachan air Alba, eadar na feartan nàdarra brèagha a chithear san tìr agus deoch nàiseanta na dùthcha – uisge-beatha.
  • Theirgibh an sàs san deasbad le bhith a’ cleachdadh #YCW2020
  • Ann an 2022, bithear a’ comharrachadh Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba - far am bithear a’ togail bratach ar cultair is dualchais bheartaich a thaobh litreachais, fhilmichean, beul-aithris, miotasan is uirsgeulan.

Contacts

Chelsea Charles

Press contact Scotland’s Themed Years Communications & Engagement Manager Contact for media enquiries on: Scotland’s Themed Years (i.e. 2018 Year of Young People; 2020 Year of Scotland's Coast and Waters; 2022 Year of Scotland's Stories) 0131 472 2067

Carrie MacWilliam

Press contact Senior Corporate Press Officer - National Contact for media enquiries on: Travel media (Scotland); Year of Young People; UK Marketing; Dundee; Fife; Angus; Perthshire 0131 472 2052

Amelia Whittaker

Press contact Senior Corporate Press Officer - Regional Contact for media enquiries on: South Region; Edinburgh and Lothians; Food and Drink; Scottish Thistle Awards 01750 723806

Related content