Press release -
Mòr-chaochladh an Fhiosrachaidh
Nochd VisitScotland ro-innleachd innsgineach gus dèiligeadh ri cruth-atharrachadh farsaing anns an dòigh sam bi luchd-turais a’ faighinn fiosrachadh mu na tha ri fhaicinn agus ri dhèanamh fhad ’s a tha iad san dùthaich.
Leis gu bheil lùghdachadh de 58% anns an àireamh a tha a’ tadhal air Ionadan Fiosrachaidh VisitScotland air feadh na h-Alba anns na deich bliadhna a dh’fhalbh agus dithis a-mach à triùir luchd-turais a’ faighinn an cuid fiosrachaidh air-loidhne, bha feum air modh-obrach nas radaigeach a thoirt a-steach gus dèanamh cinnteach gum bithear a’ coinneachadh ri iarrtasan luchd-cleachdaidh.
Thig àrdachadh mòr bhon ro-innleachd dà-bhliadhna anns an àireamh de sheanailean a tha a’ toirt seachad susbaint mu àiteachan airson tadhal agus fuireach, le measgachadh de chom-pàirtichean gnìomhachais, Coo Vanan agus toraidhean digiteach ri taobh 26 prìomh iIonadan VisitScotland ann an àiteachan mòr-bhuaidh.
Aig an aon àm, tha VisitScotland a’ tasgadh timcheall air £10m gach bliadhna ann an gnìomhachd digiteach agus seirbheisean fiosrachaidh nas fheàrr dha luchd-turais a’ toirt a-steach tasgadh ann an 26 ionadan mòr-bhuaidh roinneil.
Leigidh an t-sealladh seo leis a’ bhuidheann nàiseanta turasachd beachdachadh air iarrtasan luchd-tadhail atharraichte agus fiosrachadh nas pearsanta a lìbhrigeadh tro raon de sheanailean gus am bi daoine a’ fuireach nas fhaide, a’ cosg barrachd agus a’ cuideachadh le bhith a’ fàs an eaconamaidh.
Thèid an àireamh de dh’ Ionadan Fiosrachaidh VisitScotland a ghearradh bho 64 ionad gu 26 ionad roinneil mòr-bhuaidh thairis air ùine dà-bhliadhna, ach leanaidh solar fiosrachaidh anns gach àite tro rèiteachadh com-pàirt le tàlaidhean ionadail neach-turais, buidhnean carbadan air mhàl, gnìomhachasan, buidhnean turasachd agus eòlaichean turasachd ionadail. Tha iad sin a’ toirt a-steach tàlaidhean Àrainneachd Eachdraidheil Alba, ochd làraichean Arnold Clark agus com-pàirteachasan le buidhnean mar NC500, Canalan na h-Alba agus Coimisean Coilltearachd Alba.
Bidh na 26 ionad mòr-bhuaidh eile air an cleachdadh ann an àiteachan anns a bheil an iarrtas neach-turais as àirde, a’ toirt seachad eòlais agus fiosrachaidh àrd-ìre a thaobh tàlaidhean is àiteachan-fuirich dha gach cuid an sgìre ionadail agus na roinne as fharsainge.
A thuilleadh air an sin, tha VisitScotland air còrr air 1500 Com-pàirtiche Fiosrachaidh VisitScotland* fhastadh aig ìre nàiseanta gus dèanamh cinnteach gu bheil àite fiosrachaidh ri fhaighinn anns a h-uile oisinn den dùthaich. Eadar taighean-staile is Leabaidh is Bracaist, iomairtean sòisealta agus taighean-fuine, bidh gnìomhachasan ionadail ag obair leis a’ bhuidheann turasachd gus gealltanas a thoirt seachad gu bheil luchd-turais a’ faighinn an eòlas ionadail as fheàrr mu rudan air an cur iad eòlas anns gach sgìre.
Leis gu bheil uimhir an eisimeil fònaichean-tapaidh agus tablaidean, bidh fòcas làidir an ro-innleachd air conaltraidhean digiteach. Gach bliadhna bidh visitscotland.com a’ cruthachadh 20 millean seisean bho còrr air 13millean neach-cleachdaidh agus a’ gabhail a-steach faotainneachd clàraidh air-loidhne, duilleagan coimhearsnachd eadar-ghnìomhach, blogaichean agus inneal dealbhaidh turais.
Anns na 12 mìos a dh’fhalbh, tha visitscotland.com ath-dhealbhaichte air 2.7 millean fios a dh’fhaodadh a bhith a’ toirt seachad luach £560m do ghnìomhachasan a lìbhrigeadh (+45% bliadhna às deidh bliadhna 2016/17). Tha còrr air 5000 neach-cleachdaidh an-dràsta aig coimhearsnachd iKnow VisitScotland air-loidhne agus chaidh còrr air 7000 turas a chruthachadh a’ cleachdadh an inneal dealbhaidh turais air an làrach-lìn. Tha for-ruigheachd digiteach eile a’ toirt a-steach com-pàirtichean ùra le TripAdvisor, Booking.com agus Turasachd Digiteach Alba.
Tha luchd-obrach aig VisitScotland cuideachd air a bhith gu mòr an sàs thar na 18 mìos a dh’fhalbh a’ dèanamh comasach dha comhairlichean le eòlas a bhith a’ lìbhrigeadh fiosrachadh aghaidh ri aghaidh anns gach oisean de dh’Alba aig tachartasan agus tàlaidhean. Chaidh sgioba de Coo Vans air an rathad as t-samhradh a chaidh airson fiosrachadh a thoirt don t-sluagh agus a bharrachd air an sin bidh VisitScotland a’ lìbhrigeadh for-ruigheachd aig prìomh thachartasan le ionadan fiosrachaidh gluasadach.
Thuirt Am Morair Thurso, Cathraiche VisitScotland:
“Tha an dòigh anns a bheil luchd-turais a’ faighinn fiosrachadh air atharrachadh gu mòr thairis air na deich bliadhna a dh’fhalbh. Tha an t-àm ann ar sealladh agus ar tasgadh a ghluasad a dh’ionnsaigh iomairtean ùra is farsaing gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ ruigsinn na h-uimhir de dhaoine ’s a tha comasach leis an fhiosrachadh a tha iad a’ sireadh, aig an àm a tha iad ga shireadh.
“Leis gu bheil sealbh aig triùir a-mach à ceithir inbheach air fòn-tapaidh a-nis, tha e cudromach gun dèan sinn cinnteach gu bheil an conaltradh digiteach againn a’ toirt seachad comhairle shoilleir bhrosnachail is fhiosrachail do luchd-turais aig gach ìre den turas aca. Ach, tha fios againn gu bheil cothrom air bruidhinn ri muinntir na sgìre cuideachd cudromach dha luchd-turais agus leis na 26 ionad siubhail àrd-thadhail againn, le còrr air 1500 Com-pàirtiche Fiosrachaidh VisitScotland agus ar sgioba de luchd-obrach for-ruigheachd a’ siubhal air feadh na dùthcha, tha sin a’ ciallachadh gu bheil comhairle ann an-còmhnaidh mu na tha ri fhaicinn agus ri dhèanamh agus càite an tèid daoine ge bith càite am bi iad.
“Tha am mòr-chaochladh fiosrachaidh air ar muin agus tha teicneòlas air gnothaichean atharrachadh gu mòr thairis air na deich bliadhna a dh’fhalbh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag innse dha barrachd is barrachd luchd-turais gach nì mu ar dùthaich thairis air gach seanail eadar-dhealaichte againn airson mòran bhliadhnaichean ri teachd.
Thuirt Marc Crothall, Àrd-oifigear Caidreachas Turasachd na h-Alba
“Tha fiosrachadh digiteach agus mar a thathas a’ cleachdadh innealan gluasadach air cruth-atharrachadh a thoirt air an dòigh anns am bi luchd-turais a’ sireadh fiosrachaidh agus a’ glèidheadh àiteachan, gach cuid ro-làimh agus nuair a ruigeas iad. Tha an saoghal ag atharrachadh agus feumaidh a’ ghnìomhachas turasachd ann an Alba dèiligeadh ri sin gus dèanamh cinnteach gun lean sinn a’ toirt seachad an àrd-inbhe agus na h-eòlasan ùghdarrail ris a bheil dùil aig ar luchd-turais aig gach àite air an t-slighe aca.
“Tha an ro-innleachd turasachd, Turasachd Alba 2020 a’ toirt aithne do gach cuid seirbheisean digiteach àrd-chàileachd agus eòlasan càileachd airson a bhith aig cridhe stiùireadh turasachd air adhart a-steach don ath dheichead agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ tasgadh ar solar fiosrachaidh gu bhith a’ soilleireachadh eòlas fìor mhath, gu bhith a’ brosnachadh barrachd luchd-turais na bha ann a-riamh a thighinn a dh’Alba agus gus a dhèanamh nas fhasa dhaibh am fiosrachadh a tha iad a’ sireadh a lorg.
“Bidh am modh-obrach nas fharsainge aig VisitScotland a thaobh fiosrachadh a’ ciallachadh atharrachaidhean, ach bheir e cuideachd seachad barrachd roghainnean do luchd-turais, a’ dèanamh cinnteach gun tèid fiosrachadh a lìbhrigeadh don àite cheart, aig an t-àm cheart anns an dòigh cheart gus coinneachadh ri iarrtas. Ged a bhios nas lugha de dh’Ionadan Fiosrachaidh VisitScotland ann, tha fios againn gum bi barrachd àiteachan ann far an urrainn luchd-turais fiosrachadh fhaighinn air feadh na dùthcha, eadar ’s gum bi seo air-loidhne tro na cothroman digiteach agus com-pàirtichean as fheàrr aca, an lìonra de thosgairean turasachd agus ghnìomhachasan a tha a’ sìor fhàs, a’ toirt seachad comhairle ionadail no tro na h-ionadan siubhail roinneil adhartach aig VisitScotland. Tha sinn cuideachd a’ creidsinn gum bi VisitScotland a’ riaghladh nan atharrachaidhean sin ann sn dòigh mothachail, a’ dèanamh cinnteach gu bheil roghainnean eile nan nan àite gus cuideachadh le draghan ionadail sam bith a rèiteachadh.
“Tha sinn ag aithneachadh gum feum sinn an dòigh anns a bheil fiosrachadh do luchd-turais ga thoirt seachad atharrachadh – tha na custamairean ga iarraidh – agus a’ cur taic ri VisitScotland leis na h-atharrachaidhean a tha iad a’ dèanamh. Ma gheibh sinn ceart e, chì sinn àrdachadh mòr anns an luach a bhios luchd-turais a’ faicinn, agus bidh sinn a’ toirt seachad adhbhar nas motha dhaibh airson a bhith a’ tadhal, a’ tilleadh agus gar moladh do dhaoine eile, a’ cuideachadh le bhith dèanamh Alba mar cheann-uidhe ciad-roghainn. A bharrachd air an sin, le bhith a’ strì às leth ar luchd-turais agus ga dhèanamh nas fhasa dhaibh raon nas fharsainge de thoraidhean turasachd agus seirbheisean a chleachdadh nuair a bhios iad an seo, àrdaichidh sin teachd a-steach agus prothaidean.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Ro-innleachd Fiosrachaidh aig VisitScotland tadhal air www.visitscotland.org/visitorinformation.aspx
Airson a bhith mar phàirt de Phrògram Com-pàirtiche Fiosrachaidh VisitScotland, tadhal air an seo
Topics
- Tourism
Categories
- corporate communications
- gaelic
Regions
- Scotland
Notes to Editors
- Follow us on twitter: @visitscotnews
- VisitScotland is Scotland’s national tourism organisation. Its core purpose is to maximise the economic benefit of tourism to Scotland.
- The organisation’s core objective is to contribute to the Tourism 2020 Strategy ambition of growing tourism revenues by £1 billion by 2020.
- This will be supported by five overarching strategies: Marketing, Events, Quality and Sustainability, Inclusive Tourism, International Engagement.
- The organisation employs 700 people and has offices and VisitScotland Information Centres across Scotland.
- Spending by tourists in Scotland generates around £12 billion of economic activity in the wider Scottish supply chain and contributes around £6 billion to Scottish GDP (in basic prices). This represents about 5% of total Scottish GDP
- For VisitScotland’s press releases go to http://www.visitscotland.org/media_centre.aspx, tourism statistics and frequently asked questions go to http://www.visitscotland.org/
- Where possible, a Gaelic speaker will be made available for broadcast interviews on request (Far an tèid iarraidh, agus far am bheil sin nar comas, bruidhinnidh neach le Gàidhlig aig agallamh)
- For holiday information on Scotland go to www.visitscotland.com
- For information about business tourism in Scotland go to www.conventionscotland.com
2018 Year of Young People
- The Year of Young People (YoYP 2018) will inspire Scotland through its young people aged 8 to 26, celebrating their achievements, valuing their contributions to communities and creating new opportunities for them to shine locally, nationally and globally
- Central to YoYP 2018 will be a celebratory events programme that puts young people at the heart of its development and delivery, creating new and valuable experiences for young Scots and the wider public, with links to the inaugural 2018 European Championships.
- Over 200 young people throughout Scotland are currently being recruited to become YoYP 2018 Ambassadors. Ambassadors will ensure that people and organisations in their communities know about what’s happening and will lead on projects and activities to create events and opportunities to celebrate young people.
- The Year of Young People will have six themes which were developed in co-production with young people themselves:
- Participation – looking at how young people can influence public services and decisions which affect their lives
- Education – creating a stronger role for young people in shaping their learning
- Health and Wellbeing – supporting young people to lead healthier, active lives and have opportunities to learn about and improve their mental health and resilience
- Equality and Discrimination – broadcasting the value of young Scots, challenging negative perceptions of young people, and supporting young people to take leading roles in challenging discrimination in all its forms.
- Enterprise and regeneration – celebrating young people’s role in innovation, entrepreneurship and the Scottish economy as well as making Scotland a greener and more pleasant place to live
- Culture – celebrating young people’s talent and contribution to Scottish culture and arts.
- Further information on what’s happening and how people can get involved can be found on the new website www.yoyp2018.scot or @YOYP2018 on Twitter.