Press release -

TUL-CHASG AIR AN RÌGH.

Dh’innis VisitScotland ann an leabhar-d tarraingeach ùr gum biodh seata de phìosan tàilisg meadhan-aoiseach bho anmoch san 12mh linn no tràth san 13mh linn mar aon de na 25 ball a tha air cumadh a thoirt air eachdraidh na h-Alba.

Cuideachd air an liosta tha leac astair Ròmanach, ball-coise meadhan-aoiseach, speuclairean Antartaig, làrach-coise snaidhte agus fìdheall a’ dannsa.

Tha Fir-thàileisg Leòdhais a tha aig àireamh a naoi air an liosta ceann-latha, eadar 3.5cm agus 10.2cm a dh’àirde. Tha a’ mhòr-chuid snaidhte bho thosg each-mara, ach tha cuid dhiubh dèanta bho fhiacail muice-mara. Chaidh an lorg ann an 1831 ann an ciste bheag cloiche air a’ ghainmheach ann an Ùig an Leòdhas, ann an Innse Gall .

Bha 93 nì anns an stòr tùsail: 78 pìos tàileasg, 14 fear-bùird agus bucall, ‘s dòcha airson am baga anns am faodadh iad a bhith air an cumail, a cheangal. Tha na figearan uile, ach na pànan, ann an ìomhaigh mac an duine, agus tha na h-aghaidhean aca le fiamhan feargach, cha mhòr èibhinn.

Chaidh na 25 ball a tha a’ toirt a-steach còrr air 5,000 bliadhna de dh’eachdraidh na h-Alba bho gach ceàrnaidh den dùthaich eadar Sealtainn agus Dùn Phrìs is Gall Ghàidhealaibh a thaghadh le panail de dh’eòlaichean airson Bliadhna Eachdraidh, Dualchas is Àrsaidheachd 2017.

Chaidh na buill a thaghadh stèidhichte air an fharsaingeachd ama is tìr-eòlais aca còmhla ris na sgeulachdan inntinneach fa-leth aca. Chaidh na 25 mu dheireadh a thaghadh le panail air an robh riochdairean bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Comann Seanchaidhean na h-Alba agus VisitScotland.

Tha VisitScotland an dòchas gun tèid luchd-turais air chuairt as t-samhradh gus faighinn a-mach mu na h-uimhir de bhuill ’s a tha comasach agus mar sin tuilleadh eòlais fhaighinn air an àm inntinneach a bha ann an Alba o shean.

Bha grunn chomharraidhean ann – nam measg snaidheadaireachd co-chosmhail eile a chaidh a lorg – a stiùir eòlaichean gu bhith a’ creidsinn gun tàinig Fir-thàileisg Leòdhais à Trondheim ann an Nirribhidh, ach dh’fhaoidte gun tàinig iad à sgìre eile Lochlainn. Nuair a chaidh an dèanamh, bha Innse Gall am measg eileanan na h-Alba a bha fo riaghladh Nirribhidh. Tha na pìosan ann an deagh shuidheachadh, agus mar sin tha e coltach gu robh iad mar phàirt de stoc luchd-reic, an àite a bhith air an cleachdadh. Chaidh iad aon chuid an call air turas bho Nirribhidh gu Èireann no chaidh an tìodhlacadh airson sàbhailteachd le cuideigin a bha an dòchas tilleadh air an son uaireigin san àm ri teachd.

Tha aon-deug de na pìosan ann an sealbh Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann, far a bheil cruinneachadh beairteach de dh’innleachdas bhon àm sin. Tha sia dhiubh air iasad fad-ùine aig taigh-tasgaidh Caisteal Leòdhais, nach eil ro fhada bhon àite far an deach an lorg, bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn, far a bheil an còrr air an cumail.

Is e am ball as sine a tha air an liosta gob friobhagach muirghidh (a chaidh a lorg o thùs ann an Uamh MhicArtair san Òban) a tha a’ dol air ais gu Àm Meadhan-cloiche, agus a tha mar aon de na h-ionnstramaidean as tràithe a bhithear a’ cleachdadh airson sealg is iasgach ann an Alba.

As ùire air an liosta tha Dollaidh a’ Chaora – a’ chiad mhamal a chaidh a chlònadh bho chealla inbheach – a chithear an-dràsta ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba an Dùn Èideann agus a chomharraich a 20mh ceann-bliadhna ann an 2016.

Am measg na buill as annasaiche air an liosta tha am Venus Arcach – an ìomhaigh as ùire as aithne dhuinn de chruth boireannach – a tha a’ dol air ais gu deireadh linn na cloiche agus chaidh a lorg aig Links of Noltland air Eilean Westray ann an Arcaibh ann an 2009.

Is e aon bhall eile a tha air an liosta dheireannach, fìdheall a thug sparradh do reubalachd Raibeart Burns, ag innse barrachd dhuinn mu phearsantachd a’ Bhàird ainmeil. Is ann le neach-teagaisg dannsa Burns, Uilleam Gregg a bha Fìdheall Gregg. Timcheall air 1779, thòisich Raibeart Burns a’ faighinn leasanan dannsa agus sgrìobh e gu robh e an dòchas gun toireadh na sgilean ùra sin ‘sguabadh dha na modhan agam’, ach tha e nas coltaiche gur e ceum reubalach a bha seo oir cha robh athair toilichte idir leis an dol a-mach peacach aige.

An làn liosta de Eachdraidh na h-Alba ann an 25 Ball:

1.Bàrr Biorach Muirghidh

2.Venus Arcaibh

3.Seud-muineil finice Poll Taobh Locha

4.Bàta-loga Chathair Phuill

5.Broch Mousa

6.Leac Astair Ròmanach

7.Làrach-coise Snaidhte

8.Crois Naomh Mhàrtainn

9.Fir-thàileisg Leòdhais

10.Ìomhaigh Cloiche aig Abaid Sweetheart

11.Ìomhaigh Marcaiche Raibeart Brus

12.Onoirean na h-Alba

13.Am Ball-coise as Sine

14.Oir-ghreus Caisteal Mey

15.Seudan Peinn na Cuthaige

16.Biadh-lann Ghluasadach a’ Phrionnsa Theàrlaich

17.Fìdheall Gregg

18.Deasca Shir Bhaltar Scott

19.Seòmar Ciùil Slighe Mhic an Tòisich

20.Seàlan Phàislig

21.Bonn Òigridh Tòmas Morris

22.Steansail Dhail an Easa Dhuibh

23.Spleuchdan Sneachda a’ Chaiptean Scott

24.Siùbhlachail Carbad-smùide "Maude"

25.Dollaidh a’ Chaora

Thòisich Bliadhna Eachdraidh, Dualchas is Àrsaidheachd na h-Alba air 1 Faoilleach 2017. Gu ruige seo, tha na ceudan de thachartasan air a dhol air adhart air feadh na dùthcha, nam measg ‘Scotland in Six’, ‘Weave’, ‘Edinburgh’s Georgian Shadows’, ‘Tradfest’, ‘Dig It! 2017’, ‘Festival of Museums’ agus raon de ghnìomhachd thairis air àiteachan Àrainneachd Eachdraidheil Alba.

Thuirt Ailean MacCoinnich, Manaidsear nan Eilean aig VisitScotland:

“Tha Fir-thàileisg Leòdhais cho cudromach ann an eachdraidh – a bharrachd air a bhith nan cuimhneachain inntinneach air na ceanglaichean làidir eachdraidheil a tha eadar cuid de dh’Alba san latha an-diugh agus Nirribhidh – tha e gu tur iomchaidh gum biodh iad a’ riochdachadh Innse Gall air an liosta seo mar aon de na prìomh 25 ball a tha sinn a’ smaoineachadh as fheàrr a riochdaicheas eachdraidh bheairteach is dhathach Alba – ach chan eil seo idir na chruinneachadh fa-leth agus tha fios againn gu bheil mòran eile a-muigh an sin a bhios daoine airson a chuir ris!

“Thagh sinn nithean a bha chan e a-mhàin cudromach do dh’eachdraidh na dùthcha, ach cuideachd aig an robh sgeulachd inntinneach nan cois agus a bhrosnaicheadh daoine gus tuilleadh fhaighinn a-mach mun deidhinn.

“Tha eachdraidh, dualchas is àrsaidheachd na h-Alba am measg na prìomh adhbharan airson tadhal air Alba. Is e 2017 a’ bhliadhna airson a bhith a’ dèanamh sgrùdadh air an àm a dh’fhalbh agus eòlas fhaighinn air sgeulachdan inntinneach na h-Alba tro mheasgachadh farsaing de ghnìomhachd ùr agus gnàthaichte a stiùireas roinn turasachd agus tachartais na dùthcha, ag àrdachadh turasachd anns gach ceàrnaidh den dùthaich. Tha sinn an dòchas gum faigh mòran luchd-turais tlachd bhon leabhar-d tarraingeach seo.”

Thuirt an t-Ollamh Jeff Sanders, Dig It! Manaidsear Pròiseact 2017 aig Comann Seanchaidhean na h-Alba:

Mar a smaoinicheas sibh, cha robh e idir furasta mìltean de bhliadhnaichean de ro-eachdraidh agus eachdraidh na h-Alba a ghlacadh le dìreach làn dùirn de bhuill! Tha e math a bhith a’ faicinn measgachadh de sheann nithean agus nithean ris nach robh dùil a’ tighinn còmhla gus sgeulachd innse a tha a’ tòiseachadh leis a’ chiad luchd tionail-sealg agus a’ sìneadh fad na h-ùine suas gu àm ar cuimhne. A-nis leis gu bheil an liosta air a thaisbeanadh, seo an fhìor àm airson lorg fhaighinn dhut fhèin air sgeulachdan na h-Alba tro Bhliadhna Eachdraidh, Dualchas is Àrsaidheachd.”

Thuirt Helen Ireland, Stiùiriche Dàimhean Taobh a-muigh, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba,

“Tha sinn air ar dòigh a bhith mar phàirt den pròiseact adhartach seo anns a’ Bhliadhna Eachdraidh, Dualchas is Àrsaidheachd. Tha na còig buill a chaidh a thaghadh bho na cruinneachaidhean nàiseanta a’ dearbhadh cho farsaing sa tha na cruinneachaidhean againn. Tha sinn an dòchas gum brosnaich an leabhar-d eadhon barrachd dhaoine gu bhith a’ faighinn lorg air an dualchas air leth a th’ ann an Alba agus tadhal air Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba gu sònraichte.”

Tha Eachdraidh na h-Alba ann an 25 Ball a-nis deiseil airson a luchdachadh sìos aig:

http://ebooks.visitscotland.com/25-objects/

Tha a’ bhuidheann turasachd nàiseanta a’ brosnachadh an t-sluaigh am beachdan a chuir a-steach a thaobh bhall a tha air a bhith nam pàirt de dh’eachdraidh na h-Alba agus nach deach an cuir air an liosta. Faodar beachdan a chuir a-steach air na meadhanan sòisealta a’ cleachdadh na hashtags #25objects #hha2017

Topics

  • Tourism

Categories

  • gaelic
  • corporate communications

Regions

  • Scotland

Notes to Editors

  • Follow us on twitter: @visitscotnews
  • VisitScotland is Scotland’s national tourism organisation. Its core purpose is to maximise the economic benefit of tourism to Scotland.
  • The organisation’s core objective is to contribute to the Tourism 2020 Strategy ambition of growing tourism revenues by £1 billion by 2020.
  • This will be supported by five overarching strategies: Marketing, Events, Quality and Sustainability, Inclusive Tourism, International Engagement.
  • The organisation employs 700 people and has offices and VisitScotland Information Centres across Scotland.
  • Spending by tourists in Scotland generates around £12 billion of economic activity in the wider Scottish supply chain and contributes around £6 billion to Scottish GDP (in basic prices). This represents about 5% of total Scottish GDP
  • For VisitScotland’s press releases go to http://www.visitscotland.org/media_centre.aspx, tourism statistics and frequently asked questions go to http://www.visitscotland.org/
  • Where possible, a Gaelic speaker will be made available for broadcast interviews on request (Far an tèid iarraidh, agus far am bheil sin nar comas, bruidhinnidh neach le Gàidhlig aig agallamh)
  • For holiday information on Scotland go to www.visitscotland.com
  • For information about business tourism in Scotland go to www.conventionscotland.com

2018 Year of Young People

  • The Year of Young People (YoYP 2018) will inspire Scotland through its young people aged 8 to 26, celebrating their achievements, valuing their contributions to communities and creating new opportunities for them to shine locally, nationally and globally
  • Central to YoYP 2018 will be a celebratory events programme that puts young people at the heart of its development and delivery, creating new and valuable experiences for young Scots and the wider public, with links to the inaugural 2018 European Championships.
  • Over 200 young people throughout Scotland are currently being recruited to become YoYP 2018 Ambassadors. Ambassadors will ensure that people and organisations in their communities know about what’s happening and will lead on projects and activities to create events and opportunities to celebrate young people.
  • The Year of Young People will have six themes which were developed in co-production with young people themselves:
  • Participation – looking at how young people can influence public services and decisions which affect their lives
  • Education – creating a stronger role for young people in shaping their learning
  • Health and Wellbeing – supporting young people to lead healthier, active lives and have opportunities to learn about and improve their mental health and resilience
  • Equality and Discrimination – broadcasting the value of young Scots, challenging negative perceptions of young people, and supporting young people to take leading roles in challenging discrimination in all its forms.
  • Enterprise and regeneration – celebrating young people’s role in innovation, entrepreneurship and the Scottish economy as well as making Scotland a greener and more pleasant place to live
  • Culture – celebrating young people’s talent and contribution to Scottish culture and arts.
  • Further information on what’s happening and how people can get involved can be found on the new website www.yoyp2018.scot or @YOYP2018 on Twitter.

Contacts

Grant Anderson

Corporate Press Officer - Regional Contact for media enquiries on: Glasgow; Renfrewshire; Dunbartonshire; Ayrshire and Arran; Argyll and the Isles; Year of Young People; VisitScotland Expo; Social Tourism; Inclusive Tourism 0131 472 2416

Related content